Roinn Srath Chluaidh | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Poileataigs | |
Feartan fiosaigeach |
B' e roinn as motha na h-Alba a bha ann an Roinn Srath Chluaidh (Beurla: Strathclyde Region).
Chaidh i a stèidheachadh ann an 1975 aig an Achd Riaghaltais Ionadail (Alba) 1973[1] le 19 comhairlean sgìreil. Bha Glaschu na phrìomh-bhaile agus bha Inbhir Àir, Lannraig, Hamilton, Dùn Breatann, Pàislig agus Earra-Ghàidheal a-mach o Àird nam Murchan, Ceann Loch Lìobhann agus Baile a' Chaolais anns an roinn seo.
Ann an 1996 chaidh 12 comhairlean ùra, Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid, Comhairle Shiorrachd Àir an Ear, Comhairle Shiorrachd Àir a Tuath, Comhairle Shiorrachd Àir a Deas, Comhairle Siorrachd Dhùn Breatann an Ear, Comhairle Siorrachd Dhùn Breatann an Ear, Comhairle Shiorrachd Lannraig a Tuath, Comhairle Shiorrachd Lannraig a Deas, Comhairle Inbhir Chluaidh, Comhairle Shiorrachd Rinn Friù, Comhairle Shiorrachd Rinn Friù an Ear agus Comhairle Baile Ghlaschu de Roinn Srath Chluaidh agus chaidh an roinn is na 19 comhairlean sgìreil a sgaoileadh.
Tha an t-ainm a' dol às an sean Rìoghachd Srath Chluaidh aig an robh Dùn Breatann na phrìomh-bhaile.